Entries

ENTRIES

Leugh an tionndadh Gàidhlig den duilleig seo.

The purpose of the Highland Art Prize is to promote Highland art on a national scale and raise the profile of local artists working across the Highlands and Islands. Together with a cash prize of £1,000 for the winning artwork, the winner will also have the opportunity to mount an exhibition during 2023 in a street-front space at The Briggait cultural hub in central Glasgow, courtesy of Wasps – Scotland’s studio specialists, and the UK’s largest provider of studio and creatives spaces.

The winning artwork will be selected by an independent judge during the course of the Royal National Mòd week, to be announced at a prize giving ceremony at 12.30pm on Friday 21st October; and the exhibition will be promoted as part of the Royal National Mòd by An Comunn Gàidhealach and Perth & Kinross Council. For the inaugural 2022 Highland Art Prize, only two-dimensional artwork can be accepted.

Entries to the Highland Art Prize are being invited through local Art Associations (or other similar bodies) across the Highland and Islands. Each Art organisation may submit a maximum of five works to the exhibition, out of which there is no limitation on the number by any one artist. Individual direct entries cannot be accommodated at the moment, but please contact highlandartprize@outlook.com for details of your local Art organisation if unsure. Similarly, if you represent an Art organisation that has not yet been invited to submit entries, please contact highlandartprize@outlook.com.

There is no entry fee or hanging fee for the exhibition, and there is no requirement for the submitted artworks to be for sale. However, it would be the responsibility of the artist and/or Art organisation to arrange delivery of the artworks to City Contemporary Art Gallery in the week before the exhibition; and to arrange collection of them in the three days immediately after the exhibition. City Contemporary Art Gallery will provide the facility to sell artwork if requested, for 30% commission.

The details of each submission (including title, dimensions, sale status, artist, artist contact details, corresponding Art Association, Art Association contact details) and a high-quality photograph (to be displayed for up to one year on this website, or ongoing if selected for the shortlist or winner) must be submitted on or before 15th September 2022. Each artwork should be the sole work of the submitting artist, and should have been completed in the preceding 12 months; photographic work is not eligible.

Whilst there are no specific geographical limitations in relation to artists or Art organisations and no thematic guidelines for the artworks, the purpose of the exhibition is to celebrate the art and culture of the Highlands and Islands in conjunction with the Royal National Mòd. Given the capacity constraint of the gallery, inclusion of work in the exhibition is by invitation of the organisers.

To request an entry form or for any other queries, please contact: highlandartprize@outlook.com.

The Highland Art Prize is brought to you by:

For all enquires, please email highlandartprize@outlook.com.


INNTEARTAN

Read the English version of this page

Is e adhbhar Duais Ealain na Gàidhealtachd, ealain Ghàidhealach a bhrosnachadh is adhartachadh air sgèile nàiseanta agus ìomhaigh luchd-ealain ionadail a tha ag obair air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a thogail. Còmhla ri duais airgid de £1,000 airson an obair-ealain a bhuannaicheas, bidh cothrom aig a’ bhuannaiche air taisbeanadh a chur air bhonn tron bhliadhna 2023 ann an àite aghaidh sràide ann an co-ionad cultarach a’ Bhriggait ann am meadhan baile Ghlaschu, le taic Wasps – speisealaichean stiuidio na h-Alba agus an solaraiche as motha san RA air farsaingeachdan stiuidio agus cruthachail.

Thèid an obair-ealain a bhuannaicheas a thaghadh le britheamh neo-eisimeileach tro sheachdain a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, a tha ri ainmeachadh aig seirbheis dhuaisean aig 12.30f air Dihaoine 21mh Dàmhair; agus bidh an taisbeanadh ga fhoillseachadh mar phàirt den Mhòd Nàiseanta Rìoghail le An Comunn Gàidhealach agus Comhairle Pheairt is Cheann Rois. Airson ciad Duais Ealain na Gàidhealtachd 2022, chan urrainn gabhail ach ri obair-ealain dà-sheallach.

Thathar a’ toirt cuireadh do dh’innteartan gu Duais Ealain na Gàidhealtachd tro Chomainn Ealain ionadail (no buidhnean coltach eile) tarsainn na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Faodaidh gach buidheann Ealain còig pìosan obrach aig a’ char as àirde a chur a-steach don taisbeanadh, às nach eil cuibhreachadh sam bith air an àireamh le aon neach-ealain sam bith. Chan urrainnear gabhail ri innteartan dìreach bho dhaoine fa leth aig an àm seo, ach feuch gun cuir sibh fios gu highlandartprize@outlook.com airson mion-fhiosrachadh mun bhuidheann Ealain ionadail agaibh mura h-eil sibh cinnteach. Mar an ceudna, ma tha sibh a’ riochdachadh buidheann Ealain nach d’ fhuair cuireadh fhathast air innteartan a chur a-steach, cuiribh fios gu highlandartprize@outlook.com.

Chan eil cìs inntrigidh no cìs crochaidh an lùib an taisbeanaidh, agus chan eil riatanas air an obair ealain a chuirear a-steach a bhith airson a reic. Ach, tha an t-uallach airson liubhairt air an obair-ealain gu Gailearaidh Ealain Cho-aimsireil a’ Bhaile air an neach-ealain agus/no air a’ bhuidheann Ealain san t-seachdain ron taisbeanadh; agus uallach an toirt air falbh sna trì làithean dìreach às dèidh an taisbeanaidh. Bheir Gailearaidh Ealain Cho-aimsireil a’ Bhaile seachad cothrom air an obair-ealain a reic ma thèid iarraidh, airson coimisean de 30%.

Feumaidh mion-fhiosrachadh mu gach innteart (a’ gabhail a-steach tiotal, meudan, inbhe reic, neach-ealain, fiosrachadh an neach-ealain, an Comann Ealain co-fhreagrach, fiosrachadh conaltraidh nan Comann Ealain) agus dealbh de àrd-chàileachd (ri thaisbeanadh airson suas ri bliadhna air an làraich-lìn seo, no leantainneach ma thèid neach a thaghadh gu geàrr-liosta no buannaiche) a chur a-steach air no ro 15mh Sultain 2022. Bu chòir do gach pìos obair-ealain a bhith mar obair an neach-ealain fhèin a-mhàin a tha ga chur a-steach, agus a bhith air a chrìochnachadh sna 12 mìosan roimhe sin; chan eil obair dhealbhan air an togail iomchaidh.

Fhad ’s nach eil cuibhreachaidhean cruinn-eòlasach sònraichte sam bith co-cheangailte ri luchd-ealain no buidhnean Ealain agus gun stiùiridhean cuspaireil a thaobh nan obraichean ealain, is e adhbhar an taisbeanaidh ealain is cultar na Gàidhealtachd ’s nan Eilean a chomharrachadh ann an co-bhonn leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Mar thoradh air comas farsaingeachd a’ ghailearaidh, tha in-ghabhail air obair don taisbeanadh tro chuireadh bhon luchd-eagrachaidh.

Gus foirm inntrigidh iarraidh no airson ceistean sam bith eile, cuiribh fios gu: highlandartprize@outlook.com.

Tha Duais Ealain na Gàidhealtachd ga toirt thugaibh le: 

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh post-d gu highlandartprize@outlook.com.